Tha gearan ann nach eil ach aon choinneamh phoblach ga chumail air a' chosta an iar an lùib conaltraidh mu na tha an dàn don NC500.

Tha deich bliadhna bho chaidh an t-slighe a stèidheachadh airson luchd-turais a chur timcheall taobh siar, ceann a tuath agus costa an ear na Gàidhealtachd a tuath.

Ged a fhuair measadh neo-eisimeileach a rinn a' chompanaidh BiGGAR Economics gun tàinig faisg air £100m de bhuannachd eaconomaich às an t-slighe an-uiridh, tha draghan a' leantainn mun bhuaidh air an àrainneachd agus air bun-structar.

Dh'innis 41% de ghnothachasan gun d' fhuair iad buannachd às an t-slighe, le 90% de luchd-còmhnaidh nan sgìrean tro bheil i a' dol a' gearan air milleadh dhan àrainneachd na lùib.

Tha a' chompanaidh a th' air a cùl an NC500 a-niste ag iarraidh air coimhearsnachdan cothrom a ghabhail am beachdan a thoirt seachad air na bu chòir tachairt dhan t-slighe san deich bliadhna a tha romhainn.

Ach tha ceist air cuid mar-tha mu chonaltradh.

"'S e a' chiad rud a chunnaic mi dar a thàinig am fios-naidheachd a-mach, 's e gu bheil cha mhòr a h-uile coinneamh co-chomhairleachaidh gu bhith air an taobh sear," thuirt Gòrdan Camshron, a tha a' fuireach air a' Chomraich.

"Chan eil ach aon choinneamh gu bhith air a cumail ann an Geàrrloch.

"Eadar am Blàr Dubh agus Inbhir Ùige aig tuath, tha sin còrr is 300 mìle gun riochdachadh sam bith ach dìreach aon choinneamh," thuirt e.

Gòrdan Camshron

Tha coinneamhan poblach gu bhith ann an Inbhir Nis, Inbhir Ùige, Goillspidh, Baile Dhubhthaich, Am Blàr Dubh, a thuilleadh air Geàrrloch, an lùib a' chonaltraidh phoblaich.

Bidh cothrom ann beachdan a chur ris air-loidhne, taobh a-muigh, ach tha Mgr Camshron ag ràdh gur dòcha gu bheil an NC500 airson ceistean doirbh a sheachnadh.

"Tuigidh mi gu bheil ceisteachain gu bhith ann air-loidhne 's gum faigh daoine cothrom na beachdan aca a chur a-steach air-loidhne, ach tha siud eadar-dhealaichte," thuirt e.

"Ann an dòigh tha mi a' faireachdainn 's dòcha nach eil an NC500 airson ceistean dùbhlanach a chur agus freagairtean nach eil a' còrdadh riutha fhaighinn air ais aghaidh ri aghaidh."

Buannachd £99m bhon NC500 an-uiridh a rèir aithisg

Measadh ga dhèanamh air slighe an NC500

Tha a' chompanaidh NC500 fhèin ag ràdh gu bheil iad dha-rìribh ag iarraidh bruidhinn gu brìghmhor ri coimhearsnachdan.

"'S e conaltradh ceart, fosgailte a th' ann, a leigeas le daoine fios a chur thugainn air na dh'iarradh iad fhaicinn de dh'atharrachadh, agus ma tha pròiseactan prìomhachais a dh'iarradh iad fhaicinn a' tachairt," thuirt Clare Winskill, a tha na h-Àrd-Chathraiche air NC500 Eta.

"Tha mi gu math togarrach mu dheidhinn, agus saoilidh mi gur e a thàinig a-mach às an aithisg a rinn BiGGAR Economics, 's e nach eil seo air tachairt roimhe 's gu bheil coimhearsnachdan a' faireachdainn nach eil guth aca a thaobh an NC500.

"Tha e cudromach dha-rìribh a thaobh turasachd sheasmhaich gu bheil sin ann an lùib nan coimhearsnachdan gun cron a dhèanamh air na coimhearsnachdan sin no air an àrainneachd."

Thuirt Ms Winskill gu bheil iad air na ceistean fhàgail cho fosgailte 's a ghabhas airson cothrom a thoirt do dhaoine na beachdan a th' aca dha-rìribh a thoirt seachad.

A thaobh na tha de choinneamhan poblach an lùib a' chonaltraidh air a' chosta an iar, thuirt NC500 Eta:

"Dhaibhsan nach urrainn a bhith an làthair aig fear de na tachartasan co-chomhairleachaidh aghaidh ri aghaidh, bidh NC500 Eta cuideachd a' tabhainn seiseanan conaltraidh air-loidhne tro Microsoft Teams air an 8mh là den Dùbhlachd 2026 agus an 19mh là den Fhaoilleach 2027.

"Feumar bucadh airson nan seiseanan seo, a' toirt cothrom dhuibh ur beachdan a thoirt seachad agus cur ri mar a bhios an NC500 san àm ri teachd."