Tha sgoiltean sna h-Eileanan an Iar agus an sgìre na Gàidhealtachd am measg na fhuair teachdaireachdan brèige mu bhoma, nas lugha na mìos on bha bagairt eile de a leithid.
Thuirt Poileas Alba gun d' fhuair co-dhiù 470 sgoil am post-d agus gun deach a mheas gu math luath nach robh brìgh sna rabhaidhean agus nach robh cunnart idir ann.
Tha oifigich a tha eòlach air eucoir shaidhbeir a' feuchainn ri faighinn a-mach cò às an tàinig na teachdaireachdan a chuireadh gu an dà chuid bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean.
Chaidh puist-d fhuadain coltach riutha a chur cuideachd gu 300 sgoil an Èirinn a Tuath.
Ann an litir gu pàrantan, dhearbh Ceannard an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar, gun d' fhuair sgoiltean san sgìre am post-d bagarrach.
Thuirt Dòmhnall MacLeòid: "Leanaidh sinn comhairle Poileas Alba agus cha bhi sinn a' toirt dhaoine a-mach à togalaichean agus bidh sgoiltean fosgailte mar as àbhaist.
"Tuigidh mi gu bheil bagairt mar seo na adhbhar iomnaidh ach tha mi airson dearbhadh gu bheil riaghailtean a leanas sinn nuair a gheibh sinn conaltradh maoidheach mar seo airson measadh a dhèanamh air sàbhailteachd ar sgoiltean."
"Na adhbhar dhragh"
Thuirt a' chuid as motha de na h-ùghdarrasan ionadail ris an do bhruidhinn am BBC gun robh na sgoiltean aca fosgailte mar as àbhaist, ach dhearbh cuid gun deach sgoilearan a chur dhachaigh.
Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun deach post-d bagarrach a chur gu na sgoiltean aca.
Thuirt iad: "Airson a bhith sàbhailte, cho-dhùin cuid de sgoiltean am pròtacal èiginneach a chur an sàs mus tigeadh comhairle a bharrachd bho na poilis."
Gheibhear fiosrachadh an seo, taobh a-muigh mu na sgoiltean a bhios dùinte airson a' chòrr den là an-diugh san sgìre.
Thuirt neach-labhairt Poileas Alba: "Tha sinn a' tuigsinn mar a bhios teachdaireachdan mar seo na adhbhar dragh do sgoilearan, pàrantan, luchd-cùraim agus luchd-obrach sgoile.
"'S e a' chomhairle againn nach eil adhbhar ann daoine a thoirt às na sgoiltean neo clann a chumail air falbh bho an cuid foghlaim air sgàth susbaint nam post-dealain seo a-mhàin."
Fhuair na poilis còrr air 300 brath fòna an dèidh do na sgoiltean air feadh na dùthcha post-d maoidheach fhaighinn air an 19mh den Dàmhair.




